Air rathad a chosta dhan A’ Chomraich tha eilean beag, air a bheil Eilean Mòr. Chan eil eilean mòr air an eilean beag, ach ‘se Eilean Mòr a th’air…tuigidh tu.
Sios rathad beag, a’ snàgadh tro choille raineach, gheibhear lòrg air cidhe, agus camas an eilein air do bheulaibh.
Comraich air A’ Chomraich.
Tha uisge ann – feumaidh mi snàmh. Thilg mi mo dheise swimrun orm, agus leum mi dhan uisge, a’ gluasad mar sgoth air a chuan a dh’ionnsaidh an eilein
Taobh thall an eilein – sealladh air beanntan Thoirbheartan. Abair togail, gun duine ri fhaicinn, guth ri chluinntin ach toinn a’ slìobadh na creagan, òran àlainn na mara.
.

